Eòrpa airson Alba

 

Is sinne Eòrpaich bho air feadh na Roinn-Eòrpa agus an t-saoghail.

Tha sinn ag iarraidh gum bi fios aig muinntir na h-Alba gun cuireadh Eòrpaich sa h-uile h-àite fàilte orra air ais san Aonadh Eòrpach ma ’s e seo an toil dheamocratach fhathast.

A Chàirdean, a Cheannardan Stàite is Riaghaltas an AE, a Cheann-suidhe Comhairle na Roinn-Eòrpa, A Cheann-suidhe is a Bhuill na Pàrlamaid Eòrpaich, a Cheann-suidhe agus a Bhuill a’ Choimisein. 

Is sinne Eòrpaich bho air feadh na Roinn-Eòrpa agus an t-saoghail. Gu nàdarra, chan aontaich sinn air a h-uile rud. Ach tha sinn uile a dh’aon ghuth air an seo: Tha sinn ag iarraidh gum bi fios aig muinntir na h-Alba gun cuireadh Eòrpaich sa h-uile h-àite fàilte orra air ais san Aonadh Eòrpach ma ’s e seo an toil dheamocratach fhathast. 

Ann an Reifreann Breatamach 2016, cha do bhòt aon cheàrnaidh Albannach airson fàgail, agus bhòt Alba air fad le mòr-chuid de 24% fuireach san AE. Sna bliadhnaichean a lean, dhiùlt Pàrlamaid na h-Alba am pròiseas teachd a-mach aig gach ìre. A dheòidh sin ann an 2020, thugadh Alba a-mach às an Aonadh Eòrpach còmhla ris a’ chòrr den RA. 

Nuair a bhòt Albannaich fuireach san AE, bhòt iad mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte. ‘S e gnothach diofraichte a tha ann a bhith gan dealachadh fhèin ris an RA gus tighinn nam ball-stàit den AE. Fear a tha feumach air a reifreann fhèin, rud a tha Pàrlamaid is Riaghaltas na h-Alba air iarraidh gu foirmeil. An-dràsta tha riaghaltas na RA a’ diùltadh seo a cheadachadh. 

Cha bu chòir dhuinne seasamh an dàrna taobh fhad ‘s a mhaireas am bacadh seo. ‘S e tachartas gun eisimpleir roimhe a tha seo agus feumach air smaoineachadh às ùr bhon AE. Mar sin, tha sinne a’ cur impidh oirbh dèanamh cinnteach gun comharraich an AE slighe shoilleir do dh’Alba tighinn na ball air thoiseach air reifreann sam bith air neo-eisimeileachd. 

‘S e an dòigh àbhaisteach gum freagair an t-AE iarrtas ballrachd a-mhàin nuair a thig e bho dhùthaich neo-eisimeileach. 

Tha Alba airidh air pròiseas eile. Fhad ’s a tha i na pàirt laghail den RA, chan fhaod Riaghaltas na h-Alba dèiligeadh ris an AE. Ach faodaidh an AE cur an cèill, seach gur fhad o tha Alba air a bhith na pàirt den AE, ma bhios i neo-eisimleach gu deamocratach is gu laghail, nach leig i leas cur mar thagraiche ballrachd ‘ùr’. 

An àite sin, bu chòir don AE agus a bhuill-stàite tairgse aon-taobhach fhosgailte a dhèanamh: tairgse air leth a fhreagras air suidheachadh air leth Alba. 

Tha an t-AE air sealltainn mar-tha gun urrainn dha suidheachadh air leth a chaidh cruthachadh le Breatamach aithneachadh.  Dhaingnich Comhairle na Roinn-Eòrpa aig an àrd-choinneamh aice de 29 Giblean 2017 gun tigeadh Ceann a Tuath na h-Èirinn na phàirt den AE sa bhad, ma ’s e s gun taghadh e san àm ri teachd a dhol ann am Poblachd na h-Èirinn. 

Bu chòir don AE uimhir a leantainneachd ’s a ghabhas a thairgsinn do dh’Alba cuideachd. Tha smaoineachadh cruthachail seo-dhèante a dhìth an seo. Chan eil fios aig duine air cosgaisean geàrr- is fad-ùine de Bhreatamach do dh’Alba, no an fheadhainn a tha ceangailte ri sgaradh ris an RA – a’ cleachdadh cùinneadh nuadh ma thogras na h-Albannaich (co-dhiù gabhaidh iad san Euro aig a’ cheann thall gus nach gabh). Mar thoradh air an seo, bu chòir cumhachan fialaidh a bhith gan tabhann gus buidsead Alba a chuideachadh sna mìosan dùbhlanach de dh’eadar-ghluasad mus gabhar san AE a-rithist. 

‘S e cùisean cudromach a tha annta seo a chionn ’s gum fàgadh iad reifreann sam bith na roghainn shoilleir, seo-dhèanta, dheamocratach do dh’Alba eadar dà aonadh: an t-AE no an RA. 

Bu chòir do dh’Eòrpaich deamocrasaidh is co-dhìlseachd a sheasamh daonnan. Mar sin tha sinn a’ cur impidh oirbh ar co-dhìlseachd a chur an cèill còmhla ri saoranaich na h-Alba agus taic a chur ri roghainn deamocratach na h-Alba air na tha roimhpe.

***

A cho-Eòrpaich*, nach cuir sibh ur n-ainm ris an litir fhosgailte againn còmhla rinn? Iarramaid air ceannardan an AE agus a cho-bhuill-stàite slighe tharraingeach a thairgsinn do dh’Alba gabhail san AE a-rithist!

*Eòrpaich => duine sam bith a’ fuireach agus ag obair ann an dùthaich Eòrpach, co-dhiù tha i san AE gus nach eil, duine sam bith a rugadh ann no a thig à dùthaich Eòrpach, no aig a bheil saoranachd Eòrpach, ge b’ e càit a bheil e/i a’ fuireach san t-saoghal a-nis.

Signer Unterschreibe – Firma – Firmar – Podpisz – Sign – Teken – Υπέγραφή – Podepsat – Tecken – Assinar – Jel

Promoted by Anthony Barnett on behalf of Europe for Scotland: c/o 71-75 Shelton Street, Covent Garden, London, United Kingdom, WC2H 9JQ. Read our privacy policy here.